Episode 13

Episode 13

00:00

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Rona Hyslop à Gleann Rathais ann am Fiofa, agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair agus tha Siobhan NicAonghais air ais le fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba.

Cluinnear cuideachd earrann bho "Laithean Geala" le Murchadh MacLeòid nach maireann - leabhar beag snog air an robh clann sgoile air feadh Alba a bha fileanta ann an Gàidhlig eòlach aig aon àm - air a leughadh le Catrìona Mhoireach, agus bidh Ruai

Comments

00:00